Leughadh do thrì aoisean: miotas, cat tàlantach ’s Oidhche Shamhna
O chionn bliadhna no dhà thug mi iomradh an seo air an nobhail ghrafaig Cuir Stad air an Stoirm Shneachda. B’i Shona Shirley Macdonald á Obar Dheathain a rinn na dealbhan, agus Leaslaidh NicCoinnich na faclan. B’e leabhar mìorbhaileach a bh’ ann, sgeul sìmplidh, làn dathan inntinneach. Cuirm dhan t-sùil.

